Uabhas air aiseag Loch nam Madadh
Tha sreath ùr uabhais gu bhith a' nochdadh air iPlayer agus YouTube a' BhBC air thoiseach air Oidhche Shamhna.

Posts from every feed QUEST has found across the web — blogs, news, podcasts, channels and more.
Tha sreath ùr uabhais gu bhith a' nochdadh air iPlayer agus YouTube a' BhBC air thoiseach air Oidhche Shamhna.

'S dòcha gun tèid còignear chomhairlichean Gàidhealach a chasg bho na h-uimhir de chomataidhean an dèidh bhòt cion-earbsa annta airson mar a chuir iad taic ri iarrtas fear a dh'èignich boireannach cead-tagsaidh a chumail.

Chaidh na planaichean a ghairm a-steach an dèidh do chomhairlichean Gàidhealach bhòtadh air an son a dh'aindeoin draghan mu mhilleadh àrainneachdail.

Bidh am baile a bhuannaicheas air ainmeachadh tràth an ath-bhliadhna agus gheibh e £10m airson bliadhna de thachartasan cultarail a chur air dòigh.

Serbia has been rocked by some of the largest anti-government protests in Europe.

'S e Ruairidh Ceannadach à Baile Ùr an t-Slèibh an caiptean a bhios aig sgioba nam fear aig Alba nuair a chluicheas iad an aghaidh na h-Èireann ann an Corcaigh Disathairne.

'S fhada bho bha cuid san sgìre a' gearan nach robh bùth mhòr nàiseanta eile ann a dhèanadh farpais ris na bùidhtean aig a' Cho-op.

Tha craoladh sa Ghàidhlig air a' BhBC "sàbhailte", aig an ìre seo co-dhiù, a rèir cheannard seirbheisean Gàidhlig na buidhne, Mairead Màiri Mhoireach.

Fhuaireadh corp aon de na h-iasgairean a bh' air bòrd a' bhàta-iasgaich ach tha dithis eile fhathast a dhìth seachdain bho thachair an tubaist far chosta a tuath Leòdhais.

Chaidh Rona Stiùbhart ainmeachadh mar chaiptean air sgioba nam ban aig Alba 'son a' gheama iomain eadar-nàiseanta ann an Corcaigh Disathairne.

Tha Adam, 9, air dùbhlan a chur roimhe agus e gu bhith a' ruith 10 cilemeatair airson aire dhaoine a thoirt do bhuaidh eczema.

Tha ro-innleachd ùr nàiseanta, agus uidheamachd ùr shònraichte a dhìth ron earrach an ath-bhliadhna airson freagairt a thoirt air teintean fiadhaich anns an Rìoghachd Aonaichte, a rèir aithisg ùir.

Tha Rùnaire na Gàidhlig airson 's gum bi barrachd Gàidhlig anns a' churraicealam nàiseanta mar dhòigh air dèiligeadh ris an "dith thuigse" th' ann an Alba fhathast mun chànan.

Ghlèidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus 's e Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Tha Cnoc Soilleir ann an Uibhist Deas ag ràdh gur e naidheachd air leth a th' ann gu bheil Cèilidh na Bliadhn' Ùire aig BBC ALBA a' tighinn thuca.

Chaidh £600,000 a thoirt do phròiseact didseatach airson a' Ghàidhlig labhairteach a chlàradh, a thar-sgrìobhadh agus eadar-theangachadh 'son cuideachadh le leasachadh teicneòlas AI don chànan.

'S e Dihaoine là mòr nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu agus dà dhuais chliùteach rin toirt seachad.

Mòrag Dhòmhnallach a' toirt sùil air beatha agus òrain Dhòmhnaill MhicRath bho 2009.

Tha Buinn an t-Seann Nòis a' dol a Ghlaschu agus dhan Eilean Sgitheanach.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm a-mach nuair nach do thill bàta-iasgaich nam fear gu cala mar a bha dùil Dimàirt.

'S e Diardaoin aig a' Mhòd a th' ann agus bha cothrom aig na còisirean dùthchail an cuid sgilean seinn a thaisbeanadh.

An turas mu dheireadh a thàinig am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu, chaidh prìomh dhuaisean seinn san t-sean nòis gu dithis Leòdhasach a bha a' fuireach sa bhaile.

Bidh mòran an t-seachdain seo a' cuimhneachadh air is ag ionndrainn duine nach do chaill Mòd Nàiseanta ann an cha mhòr 80 bliadhna.

Anna Dholaidh a bhrosnaich 's a mhisinich seinneadairean traidiseanta, inbhich is òigridh.

Tha Mòr a’ Mìre aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa mhadainn an-diugh, beò à Glaschu.

Sùil air ais gu 1946 agus a' chiad Mhòd Nàiseanta ann an ochd bliadhna - Am Victory Mòd.

Farpaisich soirbheachail aig Mòd na cloinne. Winning competitors from the children’s Mòd.
