Gnothachas Uibhisteach "sìos còrr is £100,000" air sgàth staing nan aiseagan
Tha luchd-gnothaich ann an Uibhist ag ràdh gu bheil "an geamhradh as duilghe fhathast" rompha agus dragh ann nach eil piseach a' tighinn air suidheachadh nam bàtaichean-aiseig.

Rabhadh mu chall cliù is inbhe an cois tilleadh gu iomain sgìreil
Thuirt Ceann-suidhe Camanachd an Òbain gun cailleadh iomain inbhe is cliù nan rachadh cur às dhan Phrìomh Lìog Nàiseanta.

CnES ag ràdh gum faodadh riaghailtean iasgaich bualadh nas cruaidhe air an sgìre
Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gun toir cuingealaichean nas motha air sgìrean glèidhte mara buaidh chan e a-mhàin air iasgach ach air seasmhachd nan coimhearsnachdan.

An Kilda air ais air tìr ann an Arcaibh
Dhearbh na poilis nach robh sgeul air an dithis chriutha a tha a dhìth air bòrd an Kilda.

Buill nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba air an ainmeachadh
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun deach Heather NicDhùghaill às na Hearadh agus Ross Irving à Barraigh a thaghadh airson a bhith a' riochdachdh nan Eilean Siar am Pàrlamaid Òigridh na h-Alba.

Tha òrain ùra cudromach airson a' Ghàidhlig "àbhaisteachadh"
Bidh Isla Scott a' sgrìobhadh 's a' foillseachadh nan òran aice fhèin, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Rapal: Isla Scott a' bruidhinn mun chlàr ùr aice
Tha Isla Scott a' bruidhinn ri Megan mun chlàr aice agus ceòl ùr bho Vagrant Real Estate.

Taghadh ball-coise WIIGA air a dhèanamh
Tha fios aig sgiobaidhean ball-coise nan Eilean Siar a-nise cò bhios nan aghaidh aig Geamannan nan Eilean anns na h-Eileanan Fàrach an ath-bhliadhna.

Luaidh ga dhèanamh air Mairead Ros a bha am measg na stèidhich Fir Chlis
Tha luaidh ga dhèanamh air Mairead Ros, tè de na stèidhich a' chiad chompanaidh dràma Ghàidhlig, Fir Chlis, agus i air caochladh aig aois 93.

Luaidh air fear a bha "na mheadhan mòr air an adhartas a rinn Ross County"
Tha luaidh ga dhèanamh air fear a bha cianail fhèin cudromach anns an adhartas a rinn Ross County anns na 1980an is 1990an.

Bàta air a lorg "letheach fodha" far Arcaibh
Dhearbh Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich (MCA) gun deach soitheach a lorg "letheach fodha" sa mhuir gu sear air Arcaibh.

Mo Chuairt Chiùil: Eilidh NicCarmaig
Cluinnidh sinn mu na pìosan ciùil a tha air buaidh a thoirt air Eilidh NicCarmaig.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig uair eile an Cataibh ceum nas fhaisge
Chuir Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd an taic ri iarrtas phàrantan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh am Bun-sgoil na Luirge.

Tagradh às ùr mu chùis Aleksandr Benga dà bhliadhna on chaidh e a dhìth
Thuirt na poilis gu bheil iad fhathast a' sireadh taic a' phobaill san iomairt aca lorg fhaighinn air an deugaire à Steòrnabhagh nach fhacas bhon t-Samhain 2024.

Ceannard CMAL a' cur an aghaidh chùmhnantan ùra do Ghàrradh MhicFhearghais
Thuirt àrd-oifigear CMAL "nach e an rud ceart a bhiodh ann" a bhith a' toirt chùmhnantan 'son aiseagan ùra a thogail do Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh.

Croitearan air bhòtadh gus "Aonadh nan Croitearan" a thoirt air ais
Bhòt AGM Chaidreachas na Croitearachd gu làidir airson ainm na buidhne atharrachadh air ais gu Aonadh nan Croitearan.

An Loch Indaal an làmhan CMAL
Tha an MV Loch Indaal, an dàrna aiseag a-mach à ceithir bàtaichean ùra a tha gàrradh san Tuirc a' togail do ChalMac, a-nise ann an làmhan CMAL gu h-oifigeil.

Iomairt gus nach bi pàiste sam bith sna h-eileanan às aonais tiodhlaic Nollaige
Tha an Salvation Army ann an Steòrnabhagh a' cruinneachadh phrèasantan gus am bi rudeigin aig cloinn ann an teaghlaichean nas miosa dheth a dh'fhosglas iad madainn na Nollaige.

Àrd-urram Pòlannach do bhoireannach air Ghàidhealtachd an dèidh cruadail san Dàrna Cogadh
Chaidh urram mòr a bhuileachadh air boireannach às a' Phòlainn a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd airson na dh'fhuiling i na h-òige aig àm an Dàrna Cogaidh.

Dragh nach bi cuid de dh'eòin-mhara Hiort maireannach
Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gum faodadh cuid de na h-eòin-mhara a bhios a' briodadh air eileanan Hiort crìonadh chun ìre nach bi iad maireannach tuilleadh taobh a-staigh 20 bliadhna, is iad a' strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

"Seasmhachd" a dhìth air An Crùbh "'son gun urrainn dhuinn coimhead air adhart"
Thuirt a' bhuidheann a tha a' ruith an ionaid choimhearsnachd an Slèite gum feum iad maoineachadh a phàigheas airson oifigeir a bheir air adhart an cuid phlanaichean leasachaidh.

Dùil ri Aimeireaganach sa chùirt fo chasaid gun do mharbh e triùir an tubaist air an A9
Thathar a' fàgail air Paul Gillcrist gun do dh'adhbharaich e bàs Eliza agus Daibhidh Mac a' Phearsain agus an ogha, Harris, le bhith a' draibheadh gu cunnartach.

Binn prìosain air fear à Inbhir Pheofharain 'son cocaine a reic
Chaidh 42 mìos sa phrìosan air fear à Inbhir Pheofharain a chaidh a ghlacadh na dhachaigh le cocaine, 's a bh' air a dhìteadh grunn thursan roimhe.

"Taic riaghaltais a dhìth" do chùram deireadh-bheatha air Ghàidhealtachd
Tha feum air cùram deireadh-beatha san dachaigh a leudachadh air Ghàidhealtachd, a rèir BPA.






