N
Bidh na thàinig air tìr de bhilearach-mhara an dèidh na stoirme a' fàs an tancaichean thar a' gheamhraidh mus tèid a chur air ais dhan mhuir mar phàirt de phròiseact an lus luachmhor ath-stèidheachadh.
N
Tha planaichean a' gluasad air adhart airson ionad-tadhail a thogail aig Uamh Smùdha ann an Dùthaich MhicAoidh, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.
N
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd sgìrean smachdachaidh air màl ghoirid a chur an sàs ann am baile Inbhir Nis agus sgìrean dùthchail bhon 1d là den Ghiblean 2027.
N
Thuirt Àrd-oifigear ùr Chomann na Camanachd gu bheil e airson co-obrachadh le daoine aig gach ìre den spòrs gus fàs a thoirt air an iomain.
N
Tha an dà chuid sgioba nam fear agus sgioba nam ban aig WIIGA air dearbhadh fhaighinn gum bi àite ann dhaibh aig Geamannan nan Eilean 2027 anns na h-Eileanan Fàrach.
N
Thuirt luchd-iomairt slàinte nach eil cùram cabhagach san ospadal mar a chaidh a ghealltainn dhaibh ach thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil an t-seirbheis a rèir na mhol aithisg neo-eisimileach.
N
Tha an dà chuid an Eaglais Shaor agus Eaglais na h-Alba a' dol tro atharrachaidhean mòra an-dràsta air sgàth lùghdachadh air na tha de luchd-adhraidh cho math ri gainnead mhinistearan.
N
Sgeulachdan os-nàdarra à tasglann BBC Radio nan Gàidheal.
N
Rinn sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich moladh mòr air spiorad na sgioba is e ag ràdh gun robh sin bunaiteach a thaobh mar a bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog a-rithist.
N
Tha boireannach air cantainn ris a' BhBC gun deach a cùiltearachd chun na Gàidhealtachd le bràthair Mhohammed Al Fayed, Salah, anns na 1990an.
N
Thàinig àrdachadh mòr air na tha de dh'fhèidh ann an Leòdhas is na Hearadh agus còrr is 8,000 dhiubh ann a rèir nam figearan as ùire.
N
Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil an algairim a' toirt feart do chùisean ionadail san sgìre agus gum biodh àrdachadh sna h-àireamhan na dhùbhlan ri linn gainnead thaighean.
N
Geàrr-chunntas sgrìobhte air naidheachdan 11:00m le clàr-fuaime na chois.
N
'S ann timcheall air Loch Nis a bha bìobhairean air an clàradh an Alba mu dheireadh ann an 1526.
N
'S ann timcheall air Loch Nis a bha bìobhairean air an clàradh an Alba mu dheireadh ann an 1526.
N
'S e BT Openreach a tha a' lìbhrigeadh na seirbheis agus tha iad ag ràdh gun do rinn iad a-mach dè tha ceàrr agus gu bheil iad a' feuchainn ri chàradh.
N
Tha Hub Leòdhais mar phàirt de phròiseact càball-dealain ùir fon mhuir a chuireas cumhachd uaine bho thuathan-gaoithe a thathar a' moladh dhan ghriod nàiseanta.
N
Megan NicGill-Fhaolain le sùil air Duais Clàr Albannach na Bliadhna.
N
Chaidh am bàta-iasgaich le triùir air bòrd a dhìth far chosta tuath Leòdhais air an 13mh den Dàmhair.
N
Thèid Seachdain na Gàidhlig a chumail eadar an 22na agus an 28mh den Ghearran - a' comharrachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.
N
Chleachdadh uidheamachd shònraichte 'son sgrùdadh a dhèanamh air dà làraich sna h-uisgeachan far chosta tuath Leòdhais far an robh am bàta-iasgaich le triùir air bòrd air a bhith ag obair.
N
Gheibh a' cholaiste Ghàidhlig an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a h-uile sgillinn bho reic 100 botal mac na braiche, fear a rinn "turas iongantach" tarsainn a' Chuain Siar nam measg.
N
Gheibh a' cholaiste Ghàidhlig an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a h-uile sgillinn bho reic 100 botal mac na braiche, fear a rinn "turas iongantach" tarsainn a' Chuain Siar nam measg.
N
Chaidh £26,100 a thoirt do Chluba Ball-coise is Cur-seachad a' Bhac, bho Mhaoin Chalpa Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, airson sean ghoireasan ùrachadh.
N
Geàrr-chunntas air Naidheachdan 11:00 le clàr-fuaime na chois.
N
Gheall a' chompanaidh àrach èisg Mowi gun obraich iad còmhla ris a' choimhearsnachd gus taighean ùra a thogail mar phàirt de phlana a th' aca 'son tuathanas-èisg far chosta a tuath an Eilein Sgitheanaich.
N
Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis is Ross County air adhart dhan 16 mu dheireadh ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba is iad le chèile air buannachadh oidhche Mhàirt.
N
A rèir aithisg ùir, bha 406 neach gun dachaigh ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2025/26.
N
Thug Campbell Brett ionnsaigh air Gordon Skillen nuair a bha e na chadal le fir eile taobh a-muigh bùth Tesco ann an Inbhir Nis san Iuchar.
N
Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar a' cur ìmpidh air ministearan siostam maoineachaidh a stèidheachadh a fhreagras air feumalachdan sònraichte na sgìre.